Nì cothrom PhD ùr sgrùdadh air leasachadh na Gàidhlig ann an Innse Gall
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (Âé¶¹Ö±²¥) a’ tabhann cothrom PhD ùr, làn-mhaoinichte a’ rannsachadh leasachadh na Gàidhlig ann an Innse Gall.
Nì an sgoilearachas CEARTAS, a tha air a mhaoineachadh le Iomairt na Gà idhealtachd ’s nan Eilean (HIE), sgrùdadh air na nithean a tha a’ cur ri luach sòisealta is cultarail na Gà idhlig ann an Innse Gall. Thathas an dòchas gun cuidich na toraidhean a bhith a’ treòrachadh poileasaidh a thaobh mhion-chà nanan, gu sònraichte ann an co-theacsan Gà idhlig.
Bheir an sgoilearachas cothrom cuideachd sgrùdadh a dhèanamh air leasachadh coimhearsnachd, mar a nithear co-dhùnaidhean ann an coimhearsnachdan agus mar as urrainn do phoileasaidh poblach buannachdan sòisio-eaconamach ionadail a lìbhrigeadh.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-Ollamh ann an Rannsachadh na Gà idhlig aig Âé¶¹Ö±²¥:
“Tha Institiud Saidheansan Cà nain Âé¶¹Ö±²¥ air leth toilichte a bhith air chomas an cothrom rannsachaidh ollamhach togarrach seo a thabhann gus forfhais a dhèanamh air dòighean as urrainn do dh’oidhirpean leasachadh coimhearsnachd agus iomairtean poileasaidh Gà idhlig a bhith a chum leas a chèile. Tha sinn gu sònraichte taingeil don bhuidheann-mhaoineachaidh rannsachaidh againn, Iomairt na Gà idhealtachd ’s nan Eilean, airson na taice agus a’ bhrosnachaidh gus fà s a thoirt air a’ chlà r-ghnothaich rannsachaidh seo air a bheil feum mòr.â€
Thuirt Jacqueline NicUiginn, Ã rd-mhanaidsear leasachaidh aig HIE:
“Tha sinn toilichte taic a thoirt don phròiseact rannsachaidh seo mar phà irt de dh’oidhirpean, còmhla ris na buidhnean com-pà irteach againn, gus taic a thoirt do fhà s cleachdadh na Gà idhlig ann an coimhearsnachdan eileanach is dùthchail far a bheil Gà idhlig ga bruidhinn. Tha e na eileamaid chudromach den phlana Ghà idhlig againn a bhith a’ togail air mar a thathar a’ cleachdadh a’ chà nain gus luach eaconamach is sòisealta a thoirt a-steach ann an diofar shuidheachaidhean. Cha tig piseach air a’ Ghà idhlig ach le coimhearsnachdan piseachail agus tha sinn airson co-obrachadh a neartachadh ann am prìomh choimhearsnachdan, feuch am bi iad nas tarraingiche agus nas seasmhaiche a thaobh gleidheadh òigridh/sluaigh agus fà s is cosnadh. Bidh pà irt chudromach aig an rannsachadh seo ann an taic poileasaidh san à m ri teachd.â€
Tha am PhD air a mhaoineachadh gu h-iomlan le HIE agus thathas a’ tabhann stìpean airson 42 mìos. Bidh an tagraiche soirbheachail fo stiùir Institiud nan Saidheansan Cà nain aig Âé¶¹Ö±²¥. Bidh an sgoilearachas PhD stèidhichte aig fear de na h-à rainnean aig Âé¶¹Ö±²¥ air feadh Innse Gall, ach faodar beachdachadh air rèiteachaidhean obrach sùbailte, tar-chinealach a rèir far a bheil an tagraiche fhèin. Leis gum bi fòcas na h-obrach air coimhearsnachdan nan Eilean Siar far a bheil a’ Ghà idhlig fhathast gu là idir an là thair agus cudromach, tha e ion-mhiannaichte a bhith air chomas conaltradh gu h-èifeachdach sa Ghà idhlig.
Faodar ceistean tùsail a chur no ùidh a nochdadh le fios a chur gu prìomh neach-stiùiridh a’ phròiseict, an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin (conchur.ogiollagain@uhi.ac.uk). ’S e Dihaoine 6 Dà mhair an ceann-latha dùnaidh airson tagraidhean, agus is e an ceann-latha tòiseachaidh a tha san amharc airson a’ PhD Diluain 13 Samhain.
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus stiùireadh a thaobh tagradh a dhèanamh, tadhlaibh air agus lorgaibh am prìomh fhacal ‘CEARTAS’.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean Gà idhlig aig Âé¶¹Ö±²¥, tadhlaibh air