Ìomhaigh ùr air Âé¶¹Ö±²¥ a’ comharrachadh gluasad gu far a bheil ionnsachadh a’ ciallachadh barrachd
Tha com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (Âé¶¹Ö±²¥) air ìomhaigh lèirsinneach ùr fhoillseachadh an-diugh (Diluain) gus conaltradh le coimhearsnachdan a neartachadh agus margaidheachd a thabhartasan nas èifeachdaiche tro theaghlach brannd ceangailte agus aithnichte.
A bharrachd air dòighean-obrach ùra a thaobh togail dhealbhan agus deilbh, tha an t-atharrachadh a’ nochdadh suaicheantas ùr air feadh nan à rainnean, stèidhichte air na litrichean Âé¶¹Ö±²¥, agus soidhne plus agus loidhne-ainm freumhaichte: ‘far a bheil ionnsachadh a’ ciallachadh barrachd’.
Deich bliadhna air adhart bho stèidheachadh inbhe oilthigh, tha Âé¶¹Ö±²¥ air bunait là idir a thogail gus gluasad a-steach gu caibideil ro-innleachdail ùr stèidhichte air feallsanachd ‘’ Dùraigeadh a bhith diofraichte, a’ daingneachadh a dhleastanas mar chom-pà irteachas chuimsichte roinneil de cholaistean neo-eisimeileach agus institiùdan rannsachaidh, a’ còmhdach nan raointean cruinn-eòlais as motha de ghoireas sam bith stèidhichte air à rainn san RA.
Tha an dearbh-aithne ùr a’ riochdachadh a’ chiad cheum a dh’ionnsaigh com-pà irteachas a bhith nas fheà rr, ceangailte agus iomairteach na ghnìomhachd.
“Tha sinn a’ sgrìobhadh caibideil ùr dha Âé¶¹Ö±²¥ le gluasad ann an smaoineachadh agus mòr-mhiann a bhith an sà s nas motha le ar coimhearsnachdan agus iomairteach nar gnìomhachd,â€� mhìnich an t-Ollamh Todd Walker, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Âé¶¹Ö±²¥. “Cuidichidh ar dearbh-aithne lèirsinneach ùr le com-pà irteachas Âé¶¹Ö±²¥ a shuidheachadh ann am margaidh ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta a tha air leth farpaiseach.â€�
Bidh cuideam a bharrachd aig an t-suaicheantas ùr air à ite agus à ite agus sinn a’ comharrachadh sgaoileadh cruinn-eòlasach Âé¶¹Ö±²¥: Âé¶¹Ö±²¥ Sealtainn, Âé¶¹Ö±²¥ Moireibh, Âé¶¹Ö±²¥ Ceann a Tuath na Gà idhealtachd, Âé¶¹Ö±²¥ Innse Gall, Âé¶¹Ö±²¥ Inbhir Nis, Âé¶¹Ö±²¥ Earra-Ghà idheal, Âé¶¹Ö±²¥ Taobh Siar na Gà idhealtachd agus com-pà irtichean sònraichte HTC, Sabhal Mòr Ostaig agus SAMS air a chomharrachadh mar 'com-pà irtiche de Âé¶¹Ö±²¥'.
“Is e Âé¶¹Ö±²¥ dearbh-aithne coitcheann ar com-pà irteachais,â€� thuirt an t-Ollamh Walker. “Tha sinn nas motha na colaiste agus nas motha na oilthigh. Bidh sinn a’ tabhann tòrr a bharrachd roghainnean dha na h-oileanaich againn na as urrainn dha colaiste no oilthigh sam bith. Tha sinn airson moit a thogail ann an Âé¶¹Ö±²¥ oir tha a bhith mar phà irt dheth a’ ciallachadh gu bheil sinn uile tòrr a bharrachd na tha sinn nar n-aonar."
Chaidh an dearbh-aithne ùr a leasachadh ann an co-chomhairle ri à rd-sgiobaidhean agus riaghladairean air feadh a’ chom-pà irteachais. Bidh a' nochdadh na h-ìomhaigh ùir bhon latha an-diugh air là raichean mheadhanan sòisealta agus duilleagan-lìn, le siostaman Âé¶¹Ö±²¥ air fad a' gluasad a-rithist, deiseil airson na bliadhna acadaimigich ùr trà th san Fhoghar.