Dreuchd ùr a’ cuideachadh le freagairt air feumalachdan roinneil
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air an Dr Gary Caimbeul fhastadh gu dreuchd an iar-phrionnsapal (leasachaidhean ro-innleachdail). Tha an dreuchd ùr seo ag amas air an oilthigh a dhèanamh nas cunntachail do fheumalachdan nan gnothachasan agus nan coimhearsnachdan san roinn. Cuidichidh an Dr Caimbeul le foghlam is trèanadh a leasachadh anns na h-àiteachan far a bheil feum air, a thuilleadh air comas rannsachaidh agus iomlaid eòlais an oilthighe a stiùireadh anns na raointean air a bheil feum aig gnìomhachasan.
Stèidhichte ann an Colaiste Mhoireibh Â鶹ֱ²¥ ann an Eilginn, bha an Dr Caimbeul roimhe seo ann an dreuchd Deadhan Saidheans, Slàinte agus Innleadaireachd. Anns an dreuchd ùr, bidh e ag obair còmhla ri co-obraichean mu thimcheall com-pàirteachas an oilthighe gus leasachaidhean acadaimigeach ro-innleachdail a stiùireadh, a’ gabhail a-steach iadsan a tha co-cheangailte ri coimpiutaireachd, adhar-speur agus innleadaireachd.
Thòisich an Dr Caimbeul a bheatha-obrach mar neach-saidheans àrainneachdail a’ sònrachadh ann am modaladh air atharrachadh gnàth-shìde. Bha dreuchdan aige mar òraidiche is neach-rannsachaidh ann an Colaiste Newton Rigg ann an Cumbria agus Oilthigh Obar Dheathain mus tàinig e gu Oilhtigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 1999 mar òraidiche ann an Colaiste Inbhir Nis Â鶹ֱ²¥. A’ leantainn air Comhaltachd rannsachaidh ann an Obar Dheathain, thill e gu teagasg ann an Colaiste Mhoireibh Â鶹ֱ²¥ mus deach e an dreuchd mar Dheadhan Dàimh ann an 2010.
Chuir an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, fàilte air an Dr Caimbeul gu a dhreuchd ùr, ag ràdh: “Chaidh an t-oilthigh a chruthachadh gus buaidh chruth-atharrachail a thoirt air na bha san amharc don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, mar sin tha e deatamach gu bheil an curraicealam agus an rannsachadh againn a’ coinneachadh feumalachdan ar sgìre. Tha mi a’ creidsinn gun cuidich an dreuchd ùr seo le seo a choileanadh nas fheàrr ann a bhith a’ thoirt dhuinn tar-shealladh air an dealbh mhòr agus a’ toirt còmhla curraicealam is rannsachadh ùr agus sean, a bhios freagarrach don 21mh linn. Tha mi air leth toilichte gu bheil Gary air gabhail ris an dreuchd seo agus tha mi cinnteach gun lean e air adhart a’ cur gu luachmhor ri rùn an oilthighe.”
Thuirt an Dr Caimbeul: “Tha mi air leth pròiseil às an oilthigh againn agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri co-obraichean tarsainn a’ chom-pàirteachais gus cothroman adhartachadh gu mathas na roinne.”